Dè tha deuchainnean le beathaichean a’ teagasg dhut ’nad bheachd?
Chan eil adhbhar sam bith air beathaichean am marbhadh a chum an gearradh às a chèile no a chum cleachdadh ann an deuchainnean ann am foghlam is trèanadh. Tha pailteas dhòighean ùr-nòsach is ùr-ghnàthach ann nach dochainn beathaichean agus thathar ’gan cleachdadh a ghnàth air torr dhe na h-oilthighean.
Tha na dòighean-teagaisg a gheibhear ann am foghlam modhanail nach dochainn beathaichean nas èifeachdaiche agus nas fhreagarraiche dhan teagasg. Tha teicneolas nan coimpiutairean a’ cur torr dhòighean ri ar làimh, eadar gearradh mas-fhìor is deuchainn-lannan air sgrìn gu ruige làn-bhogadh ann an suidheachadh mas-fhìor de dh’obair chlinigeach. Tha acainnean trèanaidh ùr-nòsach airson teagasg sgilean clinigeach agus obrach-lannsa againn is tha iad a’ gabhail a-steach modailean meanbh-obair-lannsa is bodhaigean-brèige fìor mhatha aig a bheil buill-bhodhaig fuadain agus gleusan ais-mholadh. Tha dòighean eile stèidhichte air fèin-deuchainnean le oileanaich shaor-thoileach, le brosnachadh lèithean/fèithean le inneal-deuchainn a tha co-cheangailte ri coimpiutair.
Faodaidh teagasg modhanail a’ gabhail a-steach beathaichean cuideachd. Nuair a bhios oileanaich leigheas bheathaichean a’ cur taic ri lighichean bheathaichean ’nan obair le fìor-euslaintich, ionnsaichidh iad raon farsaing de sgilean clinigeach, a’ gabhail a-steach cùram nan euslainteach is urram dhan bheatha - an aghaidh ris na thachras ann an deuchainnean le beathaichean far a bheilear a’ teagasg gu bheil iad ’nan innealan so-chaitheimh. Bidh oileanaich bith-eòlais ag ionnsachadh torr a bharrachd air giùlan nam beathaichean nuair a bhios iad ’gan sgrùdadh ’nan àrainneachd nàdarra tro dhòighean nach bris a-steach orra, an coimeas ris na dh’ionnsaicheadh anns an deuchainn-lann tro dheuchainnean le beathaichean.
Agus coltach ris na h-oileanaich leighis a ghearradh às a chèile cuirp dhaonna a chaidh an toirt dhaibh, ’s urrainn do dh’oileanaich leigheas bheathaichean is bith-eòlais gearradh modhanail a dhèanamh le beathaichean a bhàsaich tro ghalar no leònadh.
Cha teagasg cleachdadh beathaichean marbha agus deuchainneach le beathaichean barrachd do dh’oileanaich is luchd-trèanaidh mu chuspair ’s a dh’ionnsaicheadh iad tro dhòighean modhanail. Ge-tà, ’s iad na deuchainnean le beathaichean a-mhàin a chuireas ort giùlan mar nach eil beatha nam beathaichean cudromach. A bheil sin ag iarraidh ann lighichean bheathaichean, luchd-rannsachaidh is dotairean a chaidh an teagasg dhaibh gun urrainn dhaibh creutairean beòtha a chleachdadh is a thilgeil air falbh? Am bu chòir dhuinn beathaichean fiadhaich a ghlacadh no an cumail ann an cèidsean fìor-bheaga fad am beatha, gun urrainn dhaibh a bhith beò a-rèir an nàdair is gun chrannchur aca ach bàs air treidhe gearraidh no ullachadh airson deuchainnean a bhriseas a-steach orra.
Tha sgrùdaidhean foillsichte a’ sealltainn gun urrainnear eòlas, sgilean is mothachadh modhanail fhaighinn nas èifeachdaiche tro dhòighean adhartach eile. An àite a chur air oileanaich is luchd-trèanaidh an creideamh modhanail a thrèigsinn, b’ urrainn dhaibh tlachd a ghabhail ann an àrainneachd na b’ fhearr airson foghlaim gun a bhith a’ dochann beathaichean. ’S ann agad-sa ’s a tha an cothrom seo atharrachadh. Bruidhinn ri InterNICHE airson cuideachadh a chum crìoch a chur air cleachdach cronail nam beathaichean. Tagh foghlam modhanail!